Gaelic Language Plan officer with ferry

Gaelic Language Plan

Plana Gàidhlig

Tha Poileas Alba fìor thoilichte ar Plana Gàidhlig fhoillseachadh. Anns a’ phlana, tha sinn a’ cur air adhart a’ phlana leasachaidh còig bliadhna againn airson taic a thoirt dhan Ghàidhlig, cho math ri bhith a’ sealltainn ar dealas airson a bhith a’ cuideachadh gus miannan agus amasan Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh.

Chaidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba gus inbhe na Gàidhlig a dhaingneachadh mar chànain oifigeil ann an Alba aig a bheil spèis cho-ionnan ris a’ Bheurla. Bidh am plana seo a’ brosnachadh iomairtean gus àireamhan de luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh ann an Alba, a bharrachd air cothroman a bhrosnachadh gus cànan is cultar na Gàidhlig inntrigeadh.

Fon achd, feumaidh ùghdarrasan poblach Albannach sònraichte planaichean Gàidhlig ullachadh agus fhoillseachadh.

A’ toiseachadh air an 15mh an Dàmhair 2015, chuir Poileas Alba co-chomhairle air bhog air ar Plana Gàidhlig a bha fosgailte fad dà sheachdain deug. Tha dàta bhon a’ cho-chomhairle seo an cois, còmhla ri cuid mholaidhean àraidh.

Tha am Plana Gàidhlig againn a’ cur an cèill ciamar a bhios sinn a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an obair-phoileis gus àite seasmhach a chruthachadh airson na Gàidhlig ann am beatha poblach na h-Alba.

Gaelic Language Plan

Police Scotland is delighted to introduce its Gaelic Language Plan. In it we are setting out our five year development plan for the support of Gaelic as well as demonstrating our commitment to help achieve the aspirations and objectives in the National Gaelic Language Plan.

The Gaelic Language (Scotland) Act 2005 was passed by the Scottish Parliament with the aim of securing the status of the Gaelic language as an official language of Scotland, in equal status to the English language.

The key aims of the act are to establish a statutory Gaelic body, which is called Bòrd na Gàidhlig, to encourage the use and understanding of Gaelic and who has developed a National Gaelic Language Plan. The plan promotes strategies for increasing the number of Gaelic speakers in Scotland, as well as facilitating access to Gaelic language and culture. Under the act certain Scottish public authorities are required to prepare and publish Gaelic language plans.

For 12 weeks, from the 15th October 2015, Police Scotland held a consultation on our Gaelic Language Plan. Data from this consultation, as well as some key suggestions that were submitted, are appended to our plan.

Our Gaelic Language Plan sets out how we will use Gaelic to deliver policing in Scotland to help create a sustainable future for Gaelic in Scotland.

Related Documents

PDF files on this page require a PDF reader, such as the free Adobe Acrobat Reader (download).

If you would like this information in an alternative format or language - please phone us on 101 to discuss your needs.